San t-seann aimsir b’abhaist do na Gaidheil caoidh mór a dhèanamh mu bhàs ceann-cinnidh, no neach eile air an robh mór spéis. B’ e dleasanas a’ phiobaire an coronach a thogail ri toirm na pioba; dleasanas a’ bhàird cliù an laoich a chur air fonn nan dàn. B’ i so an duais a b’ àirde ris an robh dùil aig na flaithean Gaidhealach ‘s an t-saoghal so, maraon duais nam marbh agus misneachadh nam beo; oir cha robh àrd no iosal gun deidh air deagh bheachd a ghinealaich fein, agus air àite urramach fhaotainn ann an eachdraidh bhuan a dhuthcha.

Tha bàrdachd Oisein luchdaichte le trom thùrsa airson nam marbh gaisgeil a chuir deagh chomhraig ‘s a thuit ‘s a bhlàr:–

‘Charuill, tog do ghuth gu h-àrd
Air gach linn a bh’ ann nach beò;
Caithear oidhche ann am mìn dhàn;
Faighear gàirdeachas ‘s a’ bhròn.
‘S iomadh saoi is òigh ‘bu chaoin
‘Ghluais o thùs a’n Innis-fàil.
Is taitneach dàin air na laoich
O thaobh Alba nam fuaim àrd.
‘N uair a dh’ aomas farum na seilg
Fo ghuth Oisein nan caomh-rann,
‘S a fhreagras aonach an deirg
Sruth Chòna nan toirm mall.
–FIONN. D. I. 565

Agus, a rithis, mar tha e ag imeachd le ceum stàideil na h-aoise:–

A ghutha Chòna, ‘s àirde fuaim,
A bhàrda tha luaidh mu aois,
Do’n eirich air ‘ur n-anam suas,
Feachdan mór’ nan gorm chruaidh laoch.
‘S taitneach leam aoibhneas a’ bhròin,
Fo ‘n lùb geug dharaig nan tòrr,
‘S an duileach òg ag eirigh maoth,
Togaibh-se, mo bhàird, am fonn.

Cha ‘n fheil carrachan-cuimhne a’s brèagha no a’s maireannaiche na iadsan a dheilbheadh leis na bàird mhóra,–Alasdair Mac-Mhaighstir Alasdair, Dunncha Bàn Mac-an-t-saoir, Iain Lom, Iain MacCodrum, agus Iain Moireastan, Gobha na Hearradh, mar air Domhnullach na Tòiseachd:–

Bha do phearsa ‘s do ghluasad,
Co tlachdmhor, neò-thuairgneach, is tlàth,
Chor ‘s gur tearc iad thug fuath dhuit,
Ged bu lionmhor bha fuaidht’ riut a’n gràdh;
Aig na h-ìslean ‘s na h-uaislean,
Bha spéis dhuit, ged b’ uaibhreach dhiubh pàirt,
Ni dh’ fhag t-iomradh g’ a luaidh ac’,
Mar sgeul bròin o’n là chual iad do bhàs.

Excerpt from Gearr-sgeoil air Sir Seoras Uilleam Ross by Alexander Fraser.

Leave a comment

Your email address will not be published. Required fields are marked *

Loading...